Box Office: 01478 613750

Skye Book Festival News

24
Aug

A’ Ghàidhlig àrd aig Fèis Leabhraichean an Eilein

Bidh barrachd cudthrom air a chuir air a’ Ghàidhlig aig Fèis Leabhraichean an Eilein Sgiathanaich am bliadhna na tha air a bhi aig gin eile dhen an t-sia roimh’n a seo.

Gach bliadhna, tha measgachadh de dh’ùghdairean a’ cruinneachadh ann am Port Rìgh airson an cuid obrach a lìbhrigeadh agus an leabhraichean ùra a reic. Dhen an ochd sgrìobhaiche deug  a bhios ann am bliadhna, bidh ochdnar a’ dèanadh co-dhiù pàirt dhe na nì iad anns a’ Ghàidhlig. Nam measg, bidh Dòmhnull S Moireach, Aonghas Phàdruig Caimbeul, Caoimhinn MacNìl, Maoilios Caimbeul agus am bàrd ainmeil  Eireannach Diarmuid Johnson.

Thuirt Cathraiche na Fèise, Dòmhnall Dòmhnallach, gu bheil farsaingeachd cuspair agus cànain anns na bhios a’ nochdadh aig an Fhèis gach bliadhna agus gu robh iad air leth toilichte gum biodh a’ Ghàidhlig cho follaiseach am bliadhna. Tha Fèis Leabhraichean an Eilein Sgiathanaich a’ ruith airson trì làtha air an deireadh sheachdainn mu dheireadh dhen a’ mhìos seo agus a-measg sgrìobhadairean eile am bliadhna cluinnear cuideachd Ian Rankin agus Graeme MacRae Burnet.